0 items / £0.00

AN LUINGEAS DORCHA AIR FÀIRE

£9.99 STEALL 01, 02 AGUS 03

Image of AN LUINGEAS DORCHA AIR FÀIRE

Sgrìobhte le Tim Armstrong - ùghdar Air Cuan Dubh Drilseach - nobhail ùr ann an iris STEALL! A' togail air saoghal iongantach Air Cuan Dubh Drilseach (an nobhail a bhuannaig 'Saltire First Book of the Year 2013', foillsichte le Clàr), leanaibh A-Hiom, Sàl agus Rìosa ann an dàna-chuairtean iongantach ùra. Cò aig a tha fios nach bi caractar neo dhà ùr a' nochdadh anns An Luingeas Dorcha air Fàire?

Gheibhear an nobhail ùr seo ann an STEALL, an iris litreachais foillsichte le Clàr (ri fhaighinn tron làrach-lìn seo). Anns gach iris, a' toiseachdain le STEALL 01, bidh caibideil ùr a' nochdadh. Tha STEALL 01, 02 agus 03 rim faighinn an-dràsta.

Caibideil a h-Aon: SIA ÒIRLICH BHON GHRÈIN
Ann an STEALL 01

Caibideil a Dhà: INNIS SGAIRPE
Ann an STEALL 02

Caibideil a Trì: CHAN INNIS NA MAIRBH SGEÒIL
Ann an STEALL 03

Faighibh an nobhail ùr ann an STEALL.

Ficsean sreathach ùr, ann an Gàidhlig na h-Albainn. Ri fhaighinn a-mhàin ann an STEALL.

Tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn Air Cuan Dubh Drilseach an seo: drilseach.net



Faighibh STEALL an iris ùr an seo