0 items / £0.00

An t-Urramach Iain MacRuairidh

£8.99

Image of An t-Urramach Iain MacRuairidh

Deasaichte le Calum Laing.

Rugadh Iain MacRuairidh (1843-1907) ann am Beinn a’ Bhaoghla. Fhuair e cead searmonachaidh ann an 1877, agus bha e na mhinistear ann an Ìle, ann an Tiriodh agus ann an Snitheasort. Ach a bharrachd air a sheirbheis do dh'Eaglais na h-Alba, rinn an t-Urr. MacRuairidh mòran sgrìobhaidh, agus is mòr am beud nach eilear nas eòlaiche air mar shàr sgrìobhadair is eadar-theagair Gàidhlig. Faodaidh gur h-e as coireach cho tric ’s a bha e a’ cleachdadh ainm-pinn, no às aonais ainm idir.

Gu fortanach, tha Calum Laing air mòran rannsachaidh a dhèanamh air obair Iain MhicRuairidh, bràthair a sheanar, agus anns an leabhran seo gheibhear fìosrachadh mionaideach is feumail air a bheatha is air na sgrìobh e, cuin a sgrìobh e e agus càite. Nochd a’ chiad riochd dhen chunntas seo ann an Transactions Comunn Gàidhlig Inbhir Nis. Bidh mòran a bharrachd eòlais againn air àite-san ann an litreachas na Gàidhlig o seo a-mach.

80 duilleag, ISBN 9781900901628, pàipear, 2013



Faighibh STEALL an iris ùr an seo