0 items / £0.00

SA BHÙTH 'S AN TAC AN TEINE

£7.99

Image of SA BHÙTH 'S AN TAC AN TEINE

Cairistìona Stone - leabhar ùr - 2016

Mar a tha Cairistìona ag ràdh aig toiseach a' chruinnichidh seo, "bhiodh daoine de gach seòrsa às gach ceàrnaidh den sgìre a' tighinn còmhla" ann am bùth a pàrantan sa Bhac an Leòdhas. 'S e Oifis a' Phuist a bh' ann ach 's e "Port-oifis a Bhac" an t-ainm a bh' aca air agus nach e sin gu dearbh a bh' ann—port! Chuireadh iad seachad tìde ann "a' còmhradh ri chèile, a' cluinntinn nan naidheachdan 's a' toirt seachad fiosrachadh sam bith a bh' aca fhèin".

Mar sin, tha na sgeulachdan beaga aotrom sa chruinneachadh seo—cuid dhiubh às na còmhraidhean sin—a' toirt dhuinn blasad ciatach de na bha a' tachairt san sgìre sna 60an agus na 70an. Gheibh sinn dealbh bhlàth de mhuinntir na coimhearsnachd seo.

Còmhdach le Daibhidh MacLeòid

ISBN 978900901833, pàipear, 144 duilleag



Faighibh STEALL an iris ùr an seo