0 items / £0.00

STEALL 01

£8.00

Image of STEALL 01

SGRÌOBHADH SGAITEACH ÙR + FARPAIS

Ann an STEALL 01, tha ochd dàin le Biddy Jenkinson againn, air an tionndadh gu Gàidhlig na h-Albainn: tha an obair mhiorbhaileach seo air a dhèanamh le Niall O'Gallagher, ùghdar Beatha Ùr agus Suain nan Trì Latha.

Tha a' chiad chaibideil de 'An Luingeas Dorcha air Fàire' a' nochdadh ann - nobhail ùr le Tim Armstrong, a' togail air 'Air Cuan Dubh Drilseach' (an nobhail ainmeil aige, foillsichte le Clàr). Leanaidh An Luingeas Dorcha air Fàire air - caibideil 02 ann an STEALL 02; caibideil 03 ann an STEALL 03; agus mar sin air adhart.

Cuideachd ann an STEALL 01, tha ceithir sgeulachdan goirid ùra againn: sgrìobhte le Alasdair Caimbeul (Alasdair a' Bhocsair); Maoilios Caimbeul, Morag Law agus Meg Bateman.

Tha bàrdachd - dàin ùra - ann le Pàdraig MacAoidh agus Deborah Moffatt. Tha sgrùdadh air leabhraichean againn, aiste sònraichte air cuspair GAIRM sgrìobhte le Petra Johana Poncarová agus ceòl agus leabhar-latha bho Robbie Anndra MacLeòid. Tha Alison Lang a' bruidhinn ri Catriona Lexy Chaimbeul ann an agallamh a chaidh a chumail ann an Glaschu. Oh, agus colbh ùr le Seonag Monk! Gu leòr a chumas a' dol sinn.

Chan eil STEALL 01 a' cosg ach £8.00. 152 duilleag. Dathte.

SGRÌOBHADAIREAN STEALL 01

TIM ARMSTRONG / MEG BATEMAN / ALASDAIR
CAIMBEUL / MAOILIOS CAIMBEUL / CATRÌONA
LEXY CHAIMBEUL / EMMA DYMOCK / DAIBHIDH
EYRE / BIDDY JENKINSON / ALISON LANG /
MORAG LAW / PÀDRAIG MACAOIDH / CRÌSDEAN
MACILLEBHÀIN / RUAIRIDH MACÌOMHAIR /
ROBBIE ANNDRA MACLEÒID / DEBORAH
MOFFATT / SEONAG MONK / JANE NICLEÒID /
NIALL O’GALLAGHER / PETRA PONCAROVÁ /
MÀIRI RHIND

ISBN 9781900901888, 152 duilleag, pàipear

FARPAIS cuideachd.

Fiosrachadh a bharrachd a dhìth oirbh mu STEALL? @steallmag



Faighibh STEALL an iris ùr an seo