0 items / £0.00

STEALL - 10 IRISEAN

£75.00

Image of STEALL - 10 IRISEAN

Sàbhailibh suas gu 40% le sìnteas neo 'subscription'! Faodaidh sibh a h-uile iris fhaighinn, a h-uile bliadhna, neo faodaidh sibh, can, 10 irisean fhaighinn, mar a tha sinn a' tabhann an seo.

Tha STEALL 03 direach air nochdadh - 'hot-off-the-press' - Dùbhlachd 2017. Gheibhear STEALL 01 agus 02 fhathast. Còrr is fichead sgrìobhadair eadar-dhealaichte anns gach iris.

Mar 'subscriber', gheibh sibhse STEALL air thoiseach air daoine eile - mus tèid e gu na bùithean neo mus fhaigh daoine eile cothrom a cheannach air-loidhne.

Tha STEALL ag amas air dà iris sa bhliadhna, faisg air a' Chèitean agus an uair sin san Foghar.

ANNS GACH IRIS...

Gàidhlig a-mhàin, beachd, sgrùdadh, ficsean, connspaid, bàrdachd, rosg is gu leòr eile: sgrìobhadh aig àrd-ìre. Eadar 100-160 duilleag. Bidh ùghdaran stèidhichte agus sgrìobhadairean ùra a’ nochdadh innte.

SGRÌOBHADAIREAN STEALL 01

TIM ARMSTRONG / MEG BATEMAN / ALASDAIR
CAIMBEUL / MAOILIOS CAIMBEUL / CATRÌONA
LEXY CHAIMBEUL / EMMA DYMOCK / DAIBHIDH
EYRE / BIDDY JENKINSON / ALISON LANG /
MORAG LAW / PÀDRAIG MACAOIDH / CRÌSDEAN
MACILLEBHÀIN / RUAIRIDH MACÌOMHAIR /
ROBBIE ANNDRA MACLEÒID / DEBORAH
MOFFATT / SEONAG MONK / JANE NICLEÒID /
NIALL O’GALLAGHER / PETRA PONCAROVÁ /
MÀIRI RHIND

Ann an STEALL 02? Beachd air Dòmhnall Iain Trump - am mair e? - beachd bho cheithrir: Seonaidh Adams, John A. MacIomhair, Cassie Smith-Christmas agus Arthur Cormack. Agallamh còmhla ri Tony Kearney. Colbh bho Sheonag Monk. Aiste bho Niall O'Gallagher. Sgeulachdan bho Iain Beggs, Morag Anna NicNèill, Iain F. MacLeòid agus Màiri E. NicLeòid. Dàin ùra bho Aonghas Dubh MacNeacail.

Agus STEALL 03? Am measg rudan eile: beachd bho Alasdair Stephen air suidheachadh èiginneach air Ghàidhealtachd; sgeulachdan goirid bho Mhàrtainn Mac an t-Saoir, Calum L. MacLeòid, Sarah Scott agus Maoilios Caimbeul; tionndaidhean breagha air obair Marina Tsvetaevea agus Sándor Márai - dithis eadar-nàiseanta - bho Chrìsdean MacIlleBhàin; beachd bho Sheonag Monk agus Aonghas Pàdraig Caimbeul; bàrdachd ùr bho Mhagaidh Nic a' Ghobhainn; aiste le Magaidh Choineagain; leabhar-latha ùr le Liam Alasdair Crouse; sgrùdadh; agus ceòl - agallamh còmhla ri Alasdair MacIlleBhàin.

Tha a' mhòr-chuid de dhaoine a tha an-sàs ann an STEALL ag obair gu saor-thoileach. Ma ghabhas sibh sìnteas ('subscription'), chan e a-mhàin gum faigh sibh deagh iris, bidh sibh a' cur taic ri sgrìobhadh ùr - agus sgrìobhadairean - ann am mion-chànan a th' ann an cunnart.

Cumaibh taic rinn tro shìnteas neo 'subscription'. Bheir sinn dhuibh rudeigin sònraichte.



Faighibh STEALL an iris ùr an seo