0 items / £0.00

STEALL - SÌNTEAS

£120.00

Image of STEALL - SÌNTEAS

AN IRIS ÙR. STEALL 03 air nochdadh 'hot-off-the-press' - Dùbhlachd 2017. Gheibhear STEALL 01 agus 02 fhathast. Còrr is fichead sgrìobhadair eadar-dhealaichte anns gach iris.

Sàbhailibh 40% le sìnteas neo 'subscription'! A h-uile iris, a h-uile bliadhna.

Mar 'subscriber', gheibh sibhse STEALL air thoiseach air daoine eile - mus tèid e gu na bùithean neo mus fhaigh daoine eile cothrom a cheannach air-loidhne.

Tha STEALL ag amas air dà iris sa bhliadhna, faisg air a' Chèitean agus an uair sin san Foghar.

ANNS GACH IRIS...

Gàidhlig a-mhàin, beachd, sgrùdadh, ficsean, connspaid, bàrdachd, rosg is gu leòr eile: sgrìobhadh aig àrd-ìre. Eadar 100-160 duilleag. Bidh ùghdaran stèidhichte agus sgrìobhadairean ùra a’ nochdadh innte.

SGRÌOBHADAIREAN STEALL 01

TIM ARMSTRONG / MEG BATEMAN / ALASDAIR
CAIMBEUL / MAOILIOS CAIMBEUL / CATRÌONA
LEXY CHAIMBEUL / EMMA DYMOCK / DAIBHIDH
EYRE / BIDDY JENKINSON / ALISON LANG /
MORAG LAW / PÀDRAIG MACAOIDH / CRÌSDEAN
MACILLEBHÀIN / RUAIRIDH MACÌOMHAIR /
ROBBIE ANNDRA MACLEÒID / DEBORAH
MOFFATT / SEONAG MONK / JANE NICLEÒID /
NIALL O’GALLAGHER / PETRA PONCAROVÁ /
MÀIRI RHIND

Tha a' mhòr-chuid de dhaoine a tha an-sàs ann an STEALL ag obair gu saor-thoileach. Ma ghabhas sibh sìnteas ('subscription'), chan e a-mhàin gum faigh sibh deagh iris, bidh sibh a' cur taic ri sgrìobhadh ùr - agus sgrìobhadairean - ann am mion-chànan a th' ann an cunnart.

Cumaibh taic rinn tro shìnteas neo 'subscription'. Bheir sinn dhuibh rudeigin sònraichte.



Faighibh STEALL an iris ùr an seo