0 items / £0.00

A' TOGAIL AN T-SRÙBAIN

£9.99

Image of A' TOGAIL AN T-SRÙBAIN

An nobhail ùr le Calum L. MacLeòid.

Gheibhear an leabhar ùr an seo.

Tha Daibhidh ann an staing. Às dèidh dha beagan a chosnadh san Eilean le bhith a’ togail shrùban air an Tràigh Bhàin, thèid a bheatha troimhe chèile nuair a lorgas e corp anns an fheamainn, corp air nach robh sgeul nuair a dhùisg Daibhidh às an laigse dhan do thuit e.

Tha e air a bhuaireadh le smuaintean draghail nach fhaigh e às a cheann agus nì e oidhirp faighinn a-mach cò an neach a bha bàthte air an tràigh. Carson a tha daoine a chuala Daibhidh san taigh-sheinnse a’ bruidhinn ann an dòigh cho suarach mu imrich, na ‘tràillean’ mar a bh’ aig feadhainn orra? Carson nach do rinn na poilis barrachd gus an corp a lorg?

Ceistean, ceistean, a’ cur dragh air Daibhidh, ceistean mu chultar a dhùthaich fhèin, ceistean a bheir a-null thairis e ann an oidhirp fuasgladh air choreigin fhaighinn. Cuiridh a’ chiad nobhail aig Calum L. MacLeòid – stòiridh ioma-fhillte – mòran cheistean oirnne cuideachd.

204 duilleag, pàipear, An Dàmhair 2017.

ISBN 9781900901-92-5



Faighibh STEALL an iris ùr an seo